Skip to content
A stunning firework display ended the stunning closing ceremony of the Paralympic Games. Pic: Locog
paralympics fireworks
Update by news editor   10-09-2012

Mòr-rionnagan pop a’ dùnadh nam Parailiompaics

Bha seinn air an tachartas dùnaidh na 'mhòr-urram' dha Rhianna

Thug cuid de na rionnagan mòra ann an saoghal a' chiùil na Geamannan Parailiompaic gu crìch an-raoir ann an tachartas mòr innteannach is tarraingeach.

Chliuch Coldplay, Rhianna is Jay Z air beulaibh luchd-èisteachd thoilichte, agus las lasraichean, leusan lasrach is teine mòr am Pàirce Oiliompaigeach ann am Fèis Theine.

"Is e fìor urram a th'ann a bhith aig na Parailiompaics. Is e gaisgich a tha anns na lùth-chleasaichean sin agus tha iad air-leth brosnachail," arsa Rhianna.

Thuirt Chris Màrtainn bho Coldplay: "'S e fìor uram a bh'ann dhuinn cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail anns an tachartas dùnaidh seo ann an Lunnainn.

"B'e seo aon de na h-oidhcheannan as motha a bha nar beatha agus bha sinn airson fìor chuirm math a dhèanamh airson Lunnainn 2012 a dhùnadh ann an stoidhle."

Anns an tachartas bha seallaidhean annasach a' toirt a-steach còrr is 1,000 neach, nam measg cluicheadairean ciorramach a dh'ionnsaich sgilean siorcas airson an tachartas.

Thug an luchd-èisteachd fàilte mhòr dha luchd-giùlain bratach Bhreatainn - ruitheadair cathair-cuibhle Dàibhidh Weir agus an rothadair Sarah Storey, gach cuid a choisinn ceithir buinn òr - agus nan cois cleasaichean bho gach dùthaich.

Nuair a thàinig an tachartas gu crìch, thug mayor Lunnainn Boris Johnson am bratach Oiliompaigeach dha mayor Rio, far am bi Geamannan 2016 a' dol air adhart.

Chaidh an lasair mu dheireadh an uairsin a chur bhon teine Parailiompaigeach gu lasair Parailiompaigeach, a chaidh a chleachdadh airson na ceudan lasraichean a bha ann an làmhan luchd-com-pàirt air feadh an làraich, a lasadh. Nochd fuarain bho àrd-ùrlaran cruinn gus am Lasair Parailiompaigeach a chur às.

Le cleasan-teine soilleir a las suas a' Phàirce Oiliompaigeach, thug seo cùisean gu crìch.

Mòr-rionnagan pop a’ dùnadh nam Parailiompaics

Is e dìreach an dreachd goirid den sgeulachd seo a tha ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig. Cliog air a' phutan What? gu h-àrd gus an dreachd seo a leughadh.

adapted from article by Victoria Weldon
read original story here

Experiences & Outcomes

  • By reflecting on my own and others’ work and evaluating it against shared criteria, I can recognise improvement and achievement and use this to progress further. HWB 2-24
  • I have investigated the role of sport and the opportunities it may offer me. I am able to access opportunities for participation in sport and the development of my performance in my place of learning and beyond. HWB 2-26a / HWB 3-26a
  • I can explain the role of sport in cultural heritage and have explored the opportunities available for me to participate in school sport and sporting events. I make use of participation and performance pathways that allow me to continue and extend my sporting experience in my place of learning and beyond. HWB 4-26a