Skip to content
Elizabeth Phiri, mother of four and farmer whose life has been turned around by Oxfam project
Malawi - Oxfam photo
Update by news editor   14-05-2012

Na milleanan dha Malawi

Alba gu bhith toirt £5.6m gus cuideachadh a thoirt dha daoine ann an aon de na dùthchannan as bochda a tha an Afraga

Thèid na milleanan den airgead againn a chosg airson a bhith a' cuideachadh le bhith ag atharrachadh beathan bhoireannaich is chloinne a tha a' fuireach còrr is 8,000 mìle air falbh ann am Malawi.

Thairis air na trì bliadhna a leanas, bheir Riaghaltas na h-Alba seachad £5.6 millean gu h-iomlan airson pròiseactan anns an dùthaich Afraganach sin.

Thèid an t-airgead a chleachdadh airson a bhith a' cuideachadh tuathanaich boireann, ag adhartachadh sgoiltean Malawi, a' teagasg sgilean ùra do luchd-obrach lèigheil, agus a' misneachadh barrachd bhoireannaich gu bhith an sàs ann am poileataics.

"Tha dàimh shònraichte aig Alba ri Malawi, far a bheil cuid de na daoine as bochda a th'air an t-saoghail," arsa Fiona Hyslop bho Riaghaltas na h-Alba.

Rinn na ceudan de sgoilearan na h-Alba na ceanglaichean aca fhèin ris an dùthaich, a' dèanamh co-obrachadh le sgoiltean com-pàirt agus a' togail airgead tro thachartasan carthannais.

Mar eisimpleir, tha oileanaich aig Acadamaidh Fortrose air a' Ghàidhealtachd, ag obair gu cruaidh gus airgead a thogail airson sgoil ann am Mulanje, Malawi, a chuideachadh le bhith a' togail talla coimhearsnachd ùr.

Tha cèilidhean, suipearan Burns, reic chèicichean agus eadhon suidhe pheataichean air a bhith a' cuideachadh gus airgead a thogail dha sgoilearan airson tadhal air Mulanje agus cuideachadh le bhith a' togail an togalach ùr.

Tha mòran de sgoilearan na h-Alba air siubhal gu Malawi gus coinneachadh ris na sgoilearan com-pàirt aca agus gus faicinn dhaibh pèin dè an seòrsa beatha a tha air taobh a-deas Afraga. Thar na seachd bliadhna a dh'fhalbh, tha còrr is 40 oileanach bho Acadamaidh Fortrose air pàirt a ghabhail ann an trì tursan eadar-dhealaichte. Tha turas eile gu bhith a' dol air adhart an ath-mhìos.

A bheil ceangal eadar an sgoil agadsa agus Malawi? Innis dhuinn mu dheidhinn air ar fòram deasbaid an seo.

Cliog an seo gus feuchainn air ar ceisneachadh mu Malawi

Beachdan is molaidhean leasain

Thig is lean Naidheachdan an Daily What air ar buidheann Facebook

Na milleanan dha Malawi

Is e dìreach an dreachd goirid den sgeulachd seo a tha ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig. Cliog air a' phutan What? gu h-àrd gus an dreachd seo a leughadh.

adapted from article by Victoria Weldon
read original story here

Experiences & Outcomes

  • Having considered responses to a recent international crisis, I can contribute to a discussion of the effectiveness of the responses. SOC 3-19b
  • By examining the role and actions of selected international organisations, I can evaluate how effective they are in meeting their aims. SOC 4-19b
  • Through exploring ethical trading, I can understand how people’s basic needs are the same around the world, discussing why some societies are more able to meet these needs than others. SOC 2-20a
  • I can critically examine how some economic factors can influence individuals, businesses or communities. SOC 4-20a