Skip to content
Historic win: Hearts fans celebrate their 5-1 cup final victory over Hibs
Hearts fans
Update by news editor   21-05-2012

Hearts gu bhith ainmeil ann an eachdraidh

Luchd-leantainn nan Jambos a' comharrachadh cosnadh eachdraidheil an-aghaidh Hibs

Thàinig timcheall air 100,000 luchd-leantainn Hearts a-mach air sràidean Dhùn Èideann an-dè gus buaidh an sgioba aca ann an Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba Disathairne a chomharrachadh.

Thug Hearts buaidh air Hibernian 5-1 anns a' gheam, a' chiad uair a bha Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba eadar an dà sgioba à Dùn Èideann ann an 116 bliadhna.

Dheàrrsaich a' ghrian air an t-sluagh dòigheil fhad's a bha iad a' leantainn turas nan gaisgich aca air bus fosgailte tron bhaile an-dè. Bhathas a' seinn òrain Hearts agus sheinn na cluicheadairean còmhla riutha fhad's a chum am manaidsear aca, Paulo Sergio, an cupa gu h-àrd gus am faiceadh a h-uile duine e.

"An latha a b'fheàrr nam bheatha," arsa aon neach-leantainn leis an t-ainm Tomaidh, air an robh ad èibhinn agus bratach ceangailte mu thimcheall a' mheadhain. "Bha mi air taobh a-muigh Hampden airson a' gheam, chan fhaighinn tiocaid … ach tha seo sgoinneil."

Bha luchd-leantainn air a thighinn air itealan bho air feadh an t-saoghail airson a' chuairt dheireannaich eachdraidheil aig Hampden an Glaschu. Bha cuid air a thighinn bho àiteachan cho fada air falbh ri Astràilia, Na Seulan Nuadh, Hong Kong, Brasil agus na SA.

Bha cuid ann aig nach robh fiù's tiocaidean! Bha iad dìreach airson a bhith ann còmhla ri chèile agus an geam fhaicinn air an TBh.

Bha daoine dòigheil aig a' gheam agus aig taisbeanadh an latha 'n dè agus cha robh ùpraid sam bith ann. Thuirt àrd-oifigear poileis:

"Bha an dà chuid de luchd-leantainn air-leth modhail agus nan eisimpleir mhath dhaibh pèin agus dha na clubaichean dom buin iad."

Is ann an 1896 a choinnich an dà sgioba mu dheireadh ann an cuairt dheireannach Cupa na h-Alba, agus an uairsin choisinn Hearts 3-1.

Clioc an seo gus faicinn an Daily What Newsround air Glow TBh, far a bheil neach-oigheachd sònraichte ann bho SPCA na h-Alba. Thig còmhla rinn airson an ath phrògram againn Dihaoine 8 Òg Mhìos aig 11.00m!

Hearts gu bhith ainmeil ann an eachdraidh

Is e dìreach an dreachd goirid den sgeulachd seo a tha ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig. Cliog air a' phutan What? gu h-àrd gus an dreachd seo a leughadh.

adapted from article by Russell Leadbetter
read original story here

Experiences & Outcomes

  • By reflecting on my own and others’ work and evaluating it against shared criteria, I can recognise improvement and achievement and use this to progress further. HWB 2-24a
  • I can analyse and discuss elements of my own and others’ work, recognising strengths and identifying areas where improvements can be made. HWB 3-24a
  • I can observe closely, reflect, describe and analyse key aspects of my own and others’ performances HWB 4-24a
  • I have investigated the role of sport and the opportunities it may offer me. I am able to access opportunities for participation in sport and the development of my performance in my place of learning and beyond. HWB 2-26a / HWB 3-26a
  • I can explain the role of sport in cultural heritage and have explored the opportunities available for me to participate in school sport and sporting events. I make use of participation and performance pathways that allow me to continue and extend my sporting experience in my place of learning and beyond. HWB 4-26a