Na deugairean as sona a th’ann an Alba
Sonas na h-Alba ceangailte ri càirdeas math agus beathan
sòisealta làidir
Tha deugairean na h-Alba am measg an fheadhainn as toilichte a
tha san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga a-Tuath, a-rèir
sgrùdadh.
Thuirt òganaich na h-Alba ann an trì roinnean aois
eadar-dhealaichte gun robh iad riaraichte "gu mòr" lem beatha.
Bha an fheadhainn a chaidh a cheisneachadh aig aois 11, 13 agus
15. B'e an fheadhainn aig aois 11-bliadhna a bha na bu thoilichte,
agus 91% dhiubh ag ràdh gun robh iad glè thoilichte, ann an coimeas
ri 87% aig aois 13-bliadhna agus 84.5% aig aois 15-bliadhna.
Tha luchd-sgrùdaidh ag ràdh gu bheil an ìre riarachais seo a'
tighinn bho chàirdean agus beathan sòisealta math a bhith aca.
"Mar as trice tha òganaich na h-Alba gu math sòisealta agus chan
eil iad idir fad às," arsa an t-Ollamh Jo Inchley, aon den
luchd-sgrùdaidh.
Bha triùir no barrachd charaidean aig cha mhòr a h-uile deugaire
Albannach a bha 13-bliadhna. Tha sin gan cur aig mullach a' chlàr
co-dhùnaidh eadar-nàiseanta.
Agus tha Albannaich a tha 13 is 15-bliadhna am measg an
fheadhainn as dualtaich a bhith a' caitheamh ceithir no barrachd
feasgairean gach seachdain còmhla ri caraidean.
Ach chan eil an sgeulachd gu lèir cinnteach. Ann an coimeas ris
na h-aon bhuidhnean aoise ann an Sasainn, bidh òganaich ar dùthcha
a' toiseachadh a' smocadh nas tràithe, a' dèanamh nas lugha de
dh'eacarsaich agus ag ithe nas lugha de mheasan.
Tha Albannaich a tha 15-bliadhna cuideachd anns an deichnear as
àirde airson a bhith ag òl cus deoch làidir.
Chaidh faisg air 7,000 leanabh Albannach aig aois sgoile a
thaghadh air thuaiream airson pàirt a ghabhail anns a'
cheisneachadh, a chaidh eagrachadh le luchd-sgrùdaidh aig Oilthigh
Chill Rìmhinn. Chaidh 200,000 ceisteachan gu h-iomlan a
lìonadh a-steach le daoine òga ann an 43 dùthaich
eadar-dhealaichte.
Na deugairean as sona a th’ann an Alba
Is e dìreach an dreachd goirid den sgeulachd seo a tha ri
fhaighinn anns a' Ghàidhlig. Cliog air a' phutan What? gu h-àrd gus
an dreachd seo a leughadh.