Skip to content
A seagull is cleaned in a Louisiana wildlife centre following the oil spill © BP plc
Oily bird
Update by news editor   21-09-2010

Stad air dòirteadh ola ann an Camas Mhexico mu dheireadh thall

Còig mìosan às dèidh an spreadhadh tha stad air a thighinn air an dòirteadh ola mu dheireadh thall.

Chaidh a chur às a leth gur e seo an tubaist àrainneachd as motha a thachair a-riamh ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. Thàinig spreadhadh ann an tobair ola Deepwater Horizon ann an Camas Mhexico, thar oirthir Ameireaga, air 20 Giblean am-bliadhna. Chaidh aon duine deug a mharbhadh agus mu 206 millean gallan (timcheall air 936 millean liotar) de dh'ola a leigeil ma sgaoil sa chuan.

Tha e air milleanan not a chosg dha BP, an companaidh leis a bheil an tobair airson an truailleadh seo a ghlanadh. Ach a-nis, mu dheireadh thall, thathas air an tobair a dhùnadh gu buan. Chaidh saimeant a thaomadh a-steach don tobair a tha timcheall air ceithir cilemeatair fo uachdar na mara, agus tha e a-nis air cruadhachadh.

Tha eòlaichean air sgrùdadh a dhèanamh air cuideam an tobair gus dearbhadh a bheil  am plucan fhathast daingeann.  Tha iad ag ràdh gu bheil e ag obair.

Tha seo a' toirt gu crìch droch shreath de na tachartasan a mharbh eòin mara, a dh'adhbhraich casg air iasgach, a rinn milleadh air tràighean ionadail agus air turasachd, agus a thug air ceannard BP a dhreuchd a leigeil dheth.

Às dèidh do bheart an tobrach ola spreadhadh, chaidh e fodha anns a' mhuir, agus cha robh dad air fhàgail gus casg a chur air mìltean de liotairean ola a' taomadh gach latha bhon tobair a-steach don uisge.

Dh'fhaodadh gun deach an aodion a stad, ach chan eil obair BP crìochnaichte.  Feumaidh a' chompanaidh fhathast feuchainn ris a' chron a chaidh a dhèanamh air an àrainneachd agus air beò-shlàint nan daoine air feadh na sgìre a cheartachadh.

Chaidh mòran de bheathaichean, nam measg èisg, leumadairean-mara, eòin agus sligeanaich, a mharbhadh ann an uisgeachan a' Chamais.

Mu dheireadh chaidh ola a sgolaigeadh air tìr ann an còig stàitean Ameireaganach - Texas, Louisiana, Mississippi, Alabama agus Florida.

Chaidh àrainnean lag a mhilleadh, agus chur luchd-turais dheth a thighinn gu tràighean-turasachd anns an sgìre, a' ciallachadh gun chaill taighean-bìdh, bùthan is taighean-òsda airgead.

Thug e droch bhuaidh cuideachd air iasgairean oir chaidh an casg bho bhith a' glacadh iasg sam bith san sgìre.


Teaching ideas and suggestions

Stad air dòirteadh ola ann an Camas Mhexico mu dheireadh thall

Mar a dh'fhosgail còig mìosan de throimhe-chèile a-mach

Spreadh crann-ola Deepwater Horizon ann an Camas Mhexico, 52 mìle bho Louisiana, air 20 Giblean am-bliadhna.  Bha 126 neach-obrach air bòrd nuair a theich builgean mòr de ghas nàdurrach bhon tobair ola gu h-ìseal, a' leudachadh a-mach cho luath 's gun las e. Bha na bu lugha na còig mionaidean aig luchd-obrach airson teiche nuair a chaidh an dùdach rabhaidh dheth.

Chaidh na lasraichean teine mun cuairt a' chruinn-ola agus chithear iad mìltean air falbh agus loisg an teine fad còrr is latha mus deach an crann fodha gu bonn a' Chamais air 22 Giblean. Bhàsaich aon duine deug den luchd-obrach.

Timcheall air seachdain às dèidh sin bha e soilleir gu robh na ceudan de mhìltean de liotairean ola ag aodion bhon tobair ola a bha fosgailte fon mhuir a' sgaoileadh air feadh na h-uisgeachan mun cuairt. B'ann an uairsin a bhathas a' gabhail eagal gum faodadh seo tionndadh gu bhith na thubaist sgaoilidh ola a bu mhiosa ann an eachdraidh Ameireaga.

Mus tàinig 30 Giblean bha an t-ola a' sgolaigeadh air tìr air cladaichean Louisiana.  Cha do shoirbhich le oithirpean nam maor-cladaich an t-ola a losgadh aig muir mus ruigeadh e tìr agus chaidh fearann fliuch na h-oirthir a thruailleadh le poll tiugh.

Chur Ceann-suidhe na SA, Barack Obama, stad gu h-iomlan air tolladh aig muir ann an raointean ùra faisg air Ameireaga gus am faigheadh iad a-mach dè a dh'adhbhraich an dòirteadh.  Air turas gu Oirthir a' Chamais thuirt e gur ann air BP a bha a' choire airson an tubaist agus gum feumadh a' chompanaidh pàigheadh airson a ghlanaidh.

Ach, dhiùlt BP gabhail ris an t-uallach iomlan agus chum iad orra a' cur a' choire air companaidhean a bha cuideachd an sàs anns a' ghnìomhachd tollaidh.

Chaidh mòran oidhirpean a chur an sàs gus an aodion ola a stad.  Air 8 Cèitean chaidh bogsa mòr meatailt a chur sìos air uachdar na tobrach, ach thàinig orra a thogail nuair a thòisich criostalan deigh a' fàs air.

Goirid às dèidh sin, chaidh a h-uile seòrsa de sheann sgudal, mar bhàllaichean goilf agus thaidhrichean rubair, a stopadh a-steach do chas na tobrach mar phàirt de phlana ris an canar "urchair sgudail".  Ach cha do dh'obraich seo a bharrachd.

An uairsin chaidh feuchainn air dòigh ris an canar "cur crìoch gu h-àrd" . Chaidh poll trom a phumpadh a-steach don tobair le dùil gun dèidheadh e na phlucan.  Chaidh aideachadh às dèidh trì latha den oidhirp seo, nach do shoirbhich leis an seo a bharrachd.

Fhad's a bha seo a' dol air adhart, bha faisg air 600,000 liotairean de dh'ola a' taomadh a-steach don mhuir gach latha.  Chaidh feuchainn ri ola a thogail bho uachdar na mara le bàtaichean mòra, agus feuchainn ris an ola a chumail taobh a-staigh gàraidhean-crìche plastaic.

Ach mus tàinig an Iuchar, bha an t-ola bhon aodion air Texas a ruigsinn, a' ciallachadh gu robh e air buaidh a thoirt air na còig stàitean Ameireaganach a tha a' cuairteachadh Camas Mhexico.

Dh'ainmich ceannard BP, Tony Hayward, gun leigeadh e dheth a dhreuchd "le co-aonta".  Bha muinntir Ameireaga gu math mì-chòrdte leis às dèidh dha a ràdh seachdainnean às dèidh an dòirtidh gum bu mhath leis fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh gus "am faigheadh e a bheatha air ais", agus leis gun deach e air turas seòlaidh san RA aig àrd na h-ùpraid.  Chaidh cuideachd a chur às a leth gu robh e air rabhaidhean mu shàbhailteachd a chur gu aon thaobh ron spreadhadh agus nach do ghabh e an t-uallach nuair a thachair an tubaist.

Chaidh bonaid sealach a chur air aodion na tobrach ann am meadhan an Iuchair, a chur stad air an dòirteadh airson a' chiad uair.  Chaidh ainmeachadh Didòmhnaich gu robh an tobair "marbh" mu dheireadh thall nuair a dhearbh deuchainnean gu robh tobair faochaidh agus plucan saimeant air an aodion a stad.


Teaching ideas and suggestions

adapted from article by Rebecca McQuillan
read original story here

Experiences & Outcomes

  • I can discuss the environmental impact of human activity and suggest ways in which we can live in a more environmentally-responsible way. SOC 2-08a
  • I can identify the possible consequences of an environmental issue and make informed suggestions about ways to manage the impact. SOC 3-08a
  • I can discuss the sustainability of key natural resources and analyse the possible implications for human activity. SOC 4-08a
  • I can develop my understanding of the interaction between humans and the environment by describing and assessing the impact of human activity on an area. SOC 4-10a
  • Through exploring non-renewable energy sources, I can describe how they are used in Scotland today and express an informed view on the implications for their future use. SCN 2-04b
  • Through investigation, I can explain the formation and use of fossil fuels and contribute to discussions on the responsible use and conservation of finite resources. SCN 4-04b
  • I have explored how different materials can be derived from crude oil and their uses. I can explain the importance of carbon compounds in our lives. SCN 4-17a